Fear A’ Bhàta

Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Mo shoraigh slàn leat 's gach àit'an téid thu

Is tric mi 'sealltainn o'n chnoc a's àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a'bhàta
An tig thu an-diùigh no'n tig thu a-màireach?
'S mur tig thu idir gur truagh a tà mi

Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Mo shoraigh slàn leat 's gach àit'an téid thu

Tha mo chridhe-sa briste, brùite
'S tric na deòir a'ruith o m'shùilean
An tig thu a-nochd no'm bi mo dhúil riut
No'n dùin mi'n dorus le osna thùrsaich?

Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Fhir a'bhàta, na ho ro eile
Mo shoraigh slàn leat 's gach àit'an téid thu

Trivia about the song Fear A’ Bhàta by Capercaillie

On which albums was the song “Fear A’ Bhàta” released by Capercaillie?
Capercaillie released the song on the albums “The Blood Is Strong” in 1987 and “Get Out” in 1992.

Most popular songs of Capercaillie

Other artists of New Age