O Mo Dhùthaich

O mo dhùthaich' stu th'air m'aire
Uibhist chùmhraidh ùr nan gallan
Far a faighte na daoin' uaisle
Far 'm bu dual do Mhac 'ic Ailein

Tìr a' mhurain, tìr an eorna
Tìr 's am pailt a h-uile seòrsa
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran 's 'g òl an lionna

Thig iad ugainn, carach, seòlta
Gus ar mealladh far ar n-eòlais
Molaidh iad dhuinn Manitòba
Dùthaich fhuar gun ghual, gun mhòine

Cha leig mi leas'a bhith 'ga ìnnse
Nuair a ruigear, 'sann a chithear
Samhradh goirid fogar sìtheil
Geamhradh fada na droch-shìde

Nam biodh agam fhìn de stòras
Dà dheis aodaich, paidhir bhrògan
Agus m'fhàradh bhith 'nam phòca
'Sann air Uibhist dheanainn seòladh

Trivia about the song O Mo Dhùthaich by Capercaillie

On which albums was the song “O Mo Dhùthaich” released by Capercaillie?
Capercaillie released the song on the albums “The Blood Is Strong” in 1987 and “Sidewaulk” in 1989.

Most popular songs of Capercaillie

Other artists of New Age