Criogal Cridhe

Mór Chaimbeul, Traditional

[Verse 1]
’S iomadh oidhche fhliuch is thioram
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh Criogal dhòmhsa creagan
Ris an gabhainn dìon

[Verse 2]
Eudail mhòir a shluaigh an Domhain
Dhòirt iad d’ fhuil an-dè
’S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d’ chrè

[Chorus]
Hòbhan hòbhan hòbhan ìri
Hòbhan ìri ò
Hòbhan hòbhan hòbhan ìri
’S mòr mo mhulad, ’s mòr

[Verse 3]
B’ annsa bhith le Criogal cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann
Na le Baran Mòr na Dalach
Sìoda geal mum cheann

[Chorus]
Hòbhan hòbhan hòbhan ìri
Hòbhan ìri ò
Hòbhan hòbhan hòbhan ìri
’S mòr mo mhulad, ’s mòr

[Verse 4]
Nuair bhios mnathan òg a’ bhaile
Nochd nan cadal sèimh
’S ann a bhios mis’ air bruaich do lice
Bualadh mo dha làimh

[Chorus]
Hòbhan hòbhan hòbhan ìri
Hòbhan iri ò
Hòbhan hòbhan hòbhan ìri
’S mòr mo mhulad, ’s mòr

Trivia about the song Criogal Cridhe by Runrig

When was the song “Criogal Cridhe” released by Runrig?
The song Criogal Cridhe was released in 1978, on the album “Play Gaelic”.
Who composed the song “Criogal Cridhe” by Runrig?
The song “Criogal Cridhe” by Runrig was composed by Mór Chaimbeul, Traditional.

Most popular songs of Runrig

Other artists of Pop rock