Cadal Cha Dean Mi

Cadal cha dean mi
Sugradh cha dean mise
Nochd chan fhaigh mi tamh
‘s gun mo ghradh a tighinn

Cha b’ann dubh no ruadh
A bha luaidh mo chridhe
Ach gu buidhe ban
Ailleagan nan gillean

‘S tu bu ghuirme suil
‘s tu bu dubailt cridhe
‘s tub u bhinne cainnt
Ris na rinn mi bruidhinn

Sgriobhadair le peann
Leaughadair nan duilleag
Maraiche nan tonn
Chuireadh long fo h-uidheam

Bhuail I air an traigh
Far am fas an duileasg
Leum thu aist’ a ghraidh
‘s shabhail thu iad uile

Chuala mise sgeul
A thug deur bhom cridhe
Thu bhi falbh a null
‘s gun do dhuil ri tilleadh

H-uile h-oidch’ tha mi
Smaoineachadh gun tig thu
Gu mo leabaidh fhin
‘s aonaranach mise

Trivia about the song Cadal Cha Dean Mi by Karen Matheson

When was the song “Cadal Cha Dean Mi” released by Karen Matheson?
The song Cadal Cha Dean Mi was released in 2015, on the album “Urram”.

Most popular songs of Karen Matheson

Other artists of Celtic music