Cronan Bleoghainn
Il a bho lagain il bho m’aghan
Il a bho lagain il bho m’aghan
Il a bho lagain il bho m’aghan
Mo chrodh-laoigh air gach taobh na h-aibhne
Buarach sioman do chrodh na t’eile
Buarach sioda do m’aghan fhein o
Buarach sugain air crodh na duthcha
Buarach ur air mo bhuaileig ghaolsa
Bo lurach, bo-na h-airigh
Bo a’ bhathaich mathair laogh o
Buachaille Padruig is banchaig Brighde
D’ ar sion, d’ ar dion ‘s d’ar comhnadh
'S moch an diugh gun d'rinn mi eirigh
Hoireann och ù o ho éileadh
Ho i iù a ho aodh éileadh
Hoireann och ù o ho éileadh
‘S moch an diu gun d’rinn me éirigh
Mas moch an diu ‘s moch an dé e
Dhìrich mi suas gual an t-sléibhe
Fhuair mi gruagach dhonn gun éirigh
Chuir mi ‘n lùib mo bhreacain fhéin I;
Thug mi bòid nach éireadh beud dhith
Nach biodh fios aig neach fo’n ghréin air
Cha robh fios aig a màthair fhéin air
Shiubhlainn leat fo choill nan geugan
Shiubhlainn, Shiubhlainn, dh’fhalbhainn fhéin leat